June Ghreumach
Mar as abhaist, bidh mi a sgrìobhadh. Tha mi ag obair air leabhar do chlann aois 8-11. An uiridh, bha mi fortanach aon de na duaisean nan sgrìobhadairean ura fhaighinn bho Comhairle nan Leabhraichean. Tha sin a' ciallachadh gu bheil mi a' faighinn taic agus comhairle leis an obair sgriobhaidh.
Tha an leabhar mu Phangur, cat a tha a' fuireach ann's an Eilbhis gus a tha a theaghlach craicte a' dol a dh'fhuireach air eilean iomallach albannach. Chan eil an aimsir a' còrdadh ri Pangur agus tha na cait ionadail mi-choibhneil dha. Mar sin, tha Pangur a' cuir roimhe tilleadh dhan Eilbhis ach tha cuisean a' dol cèarr leis na aiseagan agus tha e a' siubhal air feadh na Gàidhealtachd agus ag ionnsachadh mu gràdh 's chaill.
Tha iomhaighean gu math cudromach ann an leabhar airson clann aois bhun-sgoile. Mar sin, thoisich mi a' smaoineachadh air ciamar am faigheadh mi dealbhan airson an leabhar. Bho chionn greiseag, thuirt neach-ealan dhomh, carson nach feuch thu na dealbhan agad fhèin a dhèanamh?
Uill, carson nach feuch? Uaireigin bha mi gu math deidheil air dealbhan a dhèanamh. Ach dh'fhàg mi sin air aon taobh, le iomadh uidhean eile, nuair a bha clann agam.
Ged's gun robh mi gu math meirgeach, smaoin mi gum b'fhiach e feuchainn. Cheannach mi paipeir 's peansailean sa bhaile mus an do dhùn na buithtean agus choimhead mi air an eadar-lion airson comhairle. Cha do lorg mi dad a bha ag innse dhomh ciamar a tha thu a' dèanamh dealbhan airson leabhar-cloinne ach leugh mi, 'Na bi a' smaoineachadh cus. Direach dèan dealbh!' Bha sin gu math cuideachail nuair a bha mi a' suidhe air beulabh pios pàipear grinn geal agus eagal orm gun robh mi a' dol a dhèanamh sgrios air le dealbh grànnda.
Cha robh na chiad oidhearpan uabhasach math ach dh'fhàs mi rud beag nas misneachaile gach turas a chuir mi peansail gu pàipear. Aon uair 's a thoisich na atharraichean air sgath 's a' bhioras, bha e doirbh dhomh sgrìobhadh mar as abhaist. Bha mi gu math sgith 's riaslach bhon a bhith a' feuchainn ri sgoil a dhèanamh aig an taigh, agus 's e faochadh a bh' ann dealbh a dhèanamh. Bha mi a' cleachdadh pairt eile den eanchainn.
Bha fios agam de bha na caractairean agam ag ràdh, de na faireachdainn a bh' aca agus fui's de seòrsa fàileadh a bh'orra ('s e cat am priomh caractar agam) ach robh dealbh cruaidh nam cheann. Cha robh fios agam cò ris a bha Leacsaidh coltach (ciallach ghlic a tha a' cuideachadh Pangur) gus an do rinn mi dealbh dhi.
Feumadh leabhar do chlann den aois seo a bhith a' gluasad gu math luath agus a' cleachdadh cànan simplidh. Chan eil rùm ann airson tuairsgeul nach eil deatamach don sgeulachd, ach thug na dealbhan cothrom dhomh sin a chuir ann. Mar eisimpleir, chuir mi na faclan Gearmailteach airson uabhlan, caise agus badan air na bogsaichean a bha an teaghlach a' cleachdadh airson an stuth aca a thoirt a dh'Alba.
Tha slighe fada romham ach tha mi air tòrr ionnsachadh bhon a bhith misneachail gu leòr peansail a chuir air pàipear geal.
Beurla
Kommentare